Flora MacNeil
Página inicial > F > Flora MacNeil > Thig Tri Nithean Gun Iarraidh

Thig Tri Nithean Gun Iarraidh

Flora MacNeil


Thig trì nithean gun iarraidh
An t-eagal, an t-eudach, 's an gaol
'S gur beag a' chĂąis mhasluidh
Ged ghlacadh leo mis' air a h-aon
'S a liuthad bean uasal
A fhuaradh 'sa chiont an robh mi
A thug a gaol fuadain
Air ro bheagan duaise 'ga cheann

Air faillirinn, illirinn
Uillirinn ho ro 's mi caoidh
'S cruaidh fhortan gun fhios
A chur mise fo chuing do ghaoil

Fhir a dhìreas am bealach
Beir soiridh don ghleannan fo thuath
Is innis do m'leannan
Gur maireann mo ghaol 's gur buan
Fear eile cha ghabh mi
'S chan fhuiling mi idir a luaidh
Gus an dean thu, ghaoil, m'Ă icheadh
Cha chreid mi o chĂ ch gur fuath

Nam faicinn thu tighinn
Is fios dhomh gur tusa bhiodh ann
Gun Ă©ireadh mo chridhe
Mar aiteal na gréin' thar nam beann
'S gun tugainn mo bhriathar
Gach gaoisde tha liath na mo cheann
Gum fĂ sadh iad buidhe
Mar dhithein am bruthach nan allt

Mur tig thu fhéin tuilleadh
Gur aithne dhomh mhalairt a th'ann
Nach eil mi cho beartach
Ri cailin an achaidh ud thall
Cha tugainn mo mhisneach
Mo ghliocas, 'is grinneas mo lĂ imh
Air buaile crodh ballach
'Is cailin gun iĂąil 'na ceann

Encontrou algum erro na letra? Por favor, envie uma correção >

Compartilhe
esta mĂşsica

Ouça estações relacionadas a Flora MacNeil no Vagalume.FM

Mais tocadas de Flora MacNeil

ESTAÇÕES